
Inleiding
B' e sgrìobhadair Gàidhlig agus neach-iomairt a bh' ann an Henry 'Fionn' Whyte', no Eanraig MacGhille-bhàin (1853- 28 An Dùbhlachd 1913). Bha e 'n sàs gu mòr ann an Còmhstrì an Fhearainn. Rugadh e ann an Eilean Èisdeal an Earra-Ghàidheal. Sgrìobh e iomadach colbh-beachd agus artaigil a bha a' rannsachadh chuspairean poilitigeach. Bha na h-artaigilean aige a' nochdadh gu tric ann an Oban Times no ann an iris An Gaidheal, agus anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain is Mhàirr, leithid Guth na Bliadhna, Alba, agus An Sgeulaiche. Dh'eadar-theangaich esan, no 's dòcha a bhràthair, Iain, Achd nan Croitearan bho Bheurla gu Gàidhlig. B' e a bhràthair Iain Whyte, no Iain Bàn Òg, sgrìobhadair agus eadar-theangaiche Gàidhlig cuideachd.
Werkweergave
?
1 resultaat